Siol nan Gaidheal forum

Whilst this forum is moderated, opinions expressed are those of the person posting, and are not necessarily those of the organisation.
It is currently Sat Sep 26, 2020 4:04 am

All times are UTC [ DST ]




Post new topic Reply to topic  [ 1 post ] 
Author Message
PostPosted: Tue Mar 15, 2011 8:38 pm 
Offline
User avatar

Joined: Tue Feb 21, 2006 5:22 pm
Posts: 3240
Location: In the early days of a better nation
"Feumar a bhith faiceallach leis a' Chunntas-Sluaigh"

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... ensus.shtm\
l

Thug eòlaiche cànain rabhadh seachad gum feumar a bhith gu math faiceallach le
fiosrachadh mun Ghàidhlig sa Chunntas-Sluaigh.

Thuirt an t-Oll. Tim Armstrong, nach innis na ceistean a thèid a chur anns a'
Chunntas-Sluaigh mun chànan mòran mu dheidhinn na staid anns a bheil i idir.

"Cho fad 's a tha sinn faiceallach, tha na h-àireamhan sin gu math cudromach
dhuinn," thuirt an t-Oll. Armstrong.

"Ach dh'fheumamaid a bhith faiceallach gu cinnteach.

Dè cho tric?

"'S e dìreach dà cheist a th' ann, agus ceistean gu math goirid.

"Tha e duilich aig amannan tuigsinn mar a tha daoine a' tuigsinn nan ceistean
sin.

"Air sgàth 's gu bheil fèin-aithne gu sònraichte an sàs anns na freagairtean,
tha e duilich a ràdh, nuair a tha cuideigin a' cur sìos gu bheil iad comasach
air Gàidhlig a bhruidhinn, dè tha sin dha-rìribh a' ciallachadh?

"Tha e gu math cudromach gum bi sinn faiceallach anns an dòigh sa bheil sinn a'
leughadh nan toraidhean a tha a' tighinn a-mach às a' Chunntas-Sluaigh.

"Tha cunnart ann cuideachd gu bheil cuideigin a tha gu math fileanta a'
faireachdainn nach eil an cuid Ghàidhlig math gu leòr, agus nach bi iad a' cur
tiog anns a' bhocsa sin.

"Tha e cudromach gu bheil sinn a' dèanamh rannsachaidh eile còmhla ris a'
Chunntas-Sluaigh, agus a' cur nan àireamhan ri chèile.

"Mar sin, bithidh dealbh nas fheàrr againn air mar a tha daoine a' bruidhinn
Gàidhlig air feadh na dùthcha.

"Ann an Èirinn, tha iad a' faighneachd cuideachd mu dheidhinn tricead.

"Tha iad a' faighneachd sa chiad dol-a-mach a bheil Gàidhlig na h-Èireann agad,
ach an uair sin tha iad a' faighneachd dè cho tric 's a bhios tu ga cleachdadh.

"'S e fiosrachadh gu math cudromach a th' ann an sin cuideachd.

"Tha dòighean ann a bhith a' tomhais comais chànain le fèin-mheasadh, ach
dh'fheumadh na ceistean a bhith fada nas fhaide.

"Le cion ùine agus gu bheil foirm a' Chunntais-Shluaigh gu math fada mar thà,
tha mi a' tuigsinn nach eil mòran rùm ann airson ceistean gu math farsainn a
dhèanamh," thuirt e.

_________________
"The thistle rises and forever will" - MacDiarmid

NB - I am not the same person as the poster "Scottish republic".


Top
 Profile  
Reply with quote  
Display posts from previous:  Sort by  
Post new topic Reply to topic  [ 1 post ] 

All times are UTC [ DST ]


Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest


You cannot post new topics in this forum
You cannot reply to topics in this forum
You cannot edit your posts in this forum
You cannot delete your posts in this forum

Search for:
Jump to:  
cron
Powered by phpBB® Forum Software © phpBB Group
Copyright Siol nan Gaidheal © 2003-15

Newsnet Scotland