Siol nan Gaidheal forum

Whilst this forum is moderated, opinions expressed are those of the person posting, and are not necessarily those of the organisation.
It is currently Sat Sep 26, 2020 2:37 am

All times are UTC [ DST ]




Post new topic Reply to topic  [ 1 post ] 
Author Message
PostPosted: Tue May 03, 2011 6:52 pm 
Offline
User avatar

Joined: Tue Feb 21, 2006 5:22 pm
Posts: 3240
Location: In the early days of a better nation
http://www.bbc.co.uk/blogs/niallogallag ... eagan.html

Image

Post sgudail?

Roinnean Phost: Taghadh Albannach 2011

Niall O’Gallagher | 2011-04-18, 15:22

Seo na bileagan a thàinig tron doras agam air an deireadh-sheachdainn:

Am bi sibh fhèin a' leughadh stuth mar seo, neo ga chur anns a' bhiona?

Ged a tha dòighean conaltraidh ùra air tighinn gu bàrr o chionn goirid, tha na pàrtaidhean poileataigeach fhathast a' cur cuideam mòr air an t-sanasachd sheann-fhasanta seo.

Anns an sgìre far a bheil mi-fhìn a' fuireachd 's iad na Làbaraich agus an SNP a tha a' strì gus làmh an uachdair fhaighinn.

Leis gur e sgìre targaid a tha innte, tha an stuth acasan air a bhith a' tighinn tron doras fad greis mhòir mar-thà.

Ach a-nis tha mi air bileag fhaighinn bho na prìomh phàrtaidhean uile.

Targaid

Ged a tha na bileagan fhèin a' coimhead car seann fhasanta ann an saoghal Twitter agus Facebook, tha cuid dhe na pàrtaidhean gan cleachdadh ann an dòigh gu math ùr.

Tha iad a' targaid luchd-bhòtaidh aig ìre glè ionadail.

Nuair a thig iad don doras, mar as trice bi dà cheist aca: cò dha a bhòtas tu, agus dè na rudan as motha a tha cudromach dhut.

('S e iongnadh a bhitheas orra nuair a nochdas iad aig an doras agam agus their mi nach urrainn dhomh freagairt agus mi nam fhear-naidheachd, ach am fuiricheadh iad dà dhiog gus am faigh mi an leabhar-nòta agam.)

Cleachdaidh iad am fiosrachadh seo gus faighinn a-mach cò na daoine a chuireas taic riutha agus dèanamh cinnteach gun tig iad a-mach air an là.

Agus, airson dhaoine nach eil cinnteach, dè an dòigh as fheàrr airson an taic fhaighinn.

Ann an oifis ionadail gin dhe na pàrtaidhean sheall duine bileag dhomh a bha iad a' cur mun cuairt nan taighean faisg orm fhìn.

'S e bileag shònraichte don roinn-chomhairle a bha seo, a' targaid luchd-bhòtaidh aig ìre air leth ionadail.

A-rèir coltais, bha iad air tighinn air ais bho bhruidhinn ri luchd-bhòtaidh anns an sgìre agus chuir iad a' bhileag ri chèile stèidhichte air na draghan a chuala iad aig na dorsan.

Chaidh a clo-bhualadh agus a cur a-mach anns an sgìre an ath là.

Sin fianais - nan robh i a dhìth - gu bheil an iomairt seo a' tachairt aig ìre ionadail agus gum b' urrainn do chùisean ionadail diofar mòr a dhèanamh air toradh an taghaidh.

Agus, gur dòcha gum bu chòir dhuinn sùil a thoirt air bileagan an taghaidh mus cuir sinn iad anns a' bhiona.

_________________
"The thistle rises and forever will" - MacDiarmid

NB - I am not the same person as the poster "Scottish republic".


Top
 Profile  
Reply with quote  
Display posts from previous:  Sort by  
Post new topic Reply to topic  [ 1 post ] 

All times are UTC [ DST ]


Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest


You cannot post new topics in this forum
You cannot reply to topics in this forum
You cannot edit your posts in this forum
You cannot delete your posts in this forum

Search for:
Jump to:  
cron
Powered by phpBB® Forum Software © phpBB Group
Copyright Siol nan Gaidheal © 2003-15

Newsnet Scotland