Siol nan Gaidheal forum

Whilst this forum is moderated, opinions expressed are those of the person posting, and are not necessarily those of the organisation.
It is currently Sat Sep 26, 2020 2:53 am

All times are UTC [ DST ]




Post new topic Reply to topic  [ 4 posts ] 
Author Message
 Post subject: Rudeigin
PostPosted: Thu Oct 15, 2009 8:20 am 
Thachair mi ri Mòrag Dìsathairne seo chaidh aig an cearcall còmhradh Coatbridge. Thuirt i nach bidh na clasaichean còmhradh aig Colaiste Stow a'toiseachadh am-bliadhna idir, idir.
'S bochd sin oir chòrd na clasaichean rium mòran ach thèid mi dhan chlas aig Taigh Rhuallan le Mairead gach Dimàirt, uill feuchaidh mi co dhiù.
Cha robh fios agam gun robh i gad theagasg aig a'cholaiste, Adhamh. Dè bha cearr ort oidhche Luain duine mòr? An robh an cnatan ort no flu a'mhuc? 'S e jessie mòr a th'annadsa!
As deidh clas, chaidh mi a-mach airson pinnt, bha Iain 'is Calum comhla rium. Tha uidh aig Calum air Gàidhlig, tha mi 'n dochas gum bi e a'deanamh math aig an clas agad, saoil?
Arsa Calum rudeigin mu-dheidhinn Ceitidh a nighean a'dol dhan sgoil nuair a bhios i nas sine, chi sinn, co dhiu.
Bhruidhinn mi ri Mag's mu dheidhinn an clas ceart dhomh agus dh'innse mi dhi gum bi mi toilichte far an robh mi, dh'aontaich i (tha mi a'smaoinaichadh!) agus an ath bhliadhna, uill, as dèidh samhradh thèid mi dhan chlas aig Màiri, dè do bheachd?
Adhamh, ciamar a tha thu a'faighinn air adhart leis an clas agad fhein?


Top
  
Reply with quote  
 Post subject: Re: Rudeigin
PostPosted: Sat Oct 17, 2009 10:05 pm 
Bha am buidhean agam math gu leòr, ach tha mi a' stri beagan air dè ni mi an ath sheachdainn. Feumaidh mi a chumail aon-fhìllte. Bha triùir ann nach robh ann an seachdainn a-roimhe an seachdainn seo chaidh cuideachd, mar sin, bha agam ri toiseachadh a-rithist air a mhòr-chuid dhe na rinn mi a' chiad seachdainn.

Aidh, 's e Mòrag a tha gam theagasg gach Dimairt, agus 's e Cairistiona NicCombe a gheibh mi gach Diardaoin. Tha mi fhathast a' feitheamh air an I.L.A. agam a' dol air doigh, mar sin, tha beagan mi-chìnnt ann a thaobh taic-airgid.

Chan eil 'ios 'am am bi mi 'sa Phairc oidhche Luain 'sa tighinn, ach tha e coltach gum bi, ged a tha am buidhean agam beagan diùid air an taigh-sheinnse an-drasd' feumaidh mi ràdh.

'Fhad 's a tha mi ann an-seo, feumaidh mi ur cur chun na chlaraichean 'Seanchas Ìle', chionn 's gu bheil 'ad inntinneach dhà rìreadh, agus 's fior thoil leam Gàidhlig Earra-Ghaidheal....



http://www.seanchas-ile.net/gheritage.html


Top
  
Reply with quote  
 Post subject: Re: Rudeigin
PostPosted: Fri Oct 23, 2009 7:51 am 
Innse dhomh mu dheidhinn!
Tha mi air a'bhith a'toirt Callum gu Camanachd airson greis. Tha e a'còrdadh ris gu mòr agus 's toil le Andrew a'dhol comhla rinn cuideachd ach tha mi a'smaointinn gun cosg e mi torr airgead. Phàigh mi Deich not air fhichead airson a chlogad direach! Duilich air sgàth Oidhche Luain seo chaidh, cha robh mi airson a'bruidhinn mu dheidhinn poilitigs air beulaibh Rab a chionn's chan eil sgod agam dè a bheachd air poilitigs.
Mu dhaoidhte gur e Nàiseantach a th'ann ach co aig a fios?
Tha mi'n dùil gun tig mi gu Ceol 'is Craic aig an CCA, gheibh mi m'airgead an ath sheachdainn cho bidh mi an-sin leis an sporan trom agam ('s docha nach).
Thug mi Callum dhan chlas Karate a bhon-raoir agus as-deidh sin bha tìde agam steigearan Gàidhlig a'chuir suas, chan eil mi cinnteach ma tha iad a'deanamh mòran ach feuchaidh sinn co-dhiu. Ciamar a tha an teaghlach agad 'is ciamar a tha thu a'faighinn air adhart leis an ceòl agad? Nach robh thu ainmeil fhast? Tha mi a'creidsinn nach bi e ro fhada gus an gnog air an doras agad BBC ALBA. 'S docha gun seinn thu comhla ri Julie bheag fhast. :bbros:
Cha chuala mi 'Seanchas Ile' fhast, an nì thu 'cd' dhomh ma bhios tìde gu-leor agad? 'S toil leam a bhith ag-èisteachd ri Griogar an-drasda 'sa rithist 'is tha deagh Gàidhlig Earra-Ghaidheal aige cuideachd cho tha mi'n dùil gun còrd e rium.
Dè tha 'aon-fhillte' a'cealachadh? Och uill, chi mi thu Diluan.


Top
  
Reply with quote  
 Post subject: Re: Rudeigin
PostPosted: Fri Oct 23, 2009 1:37 pm 
Niallaidh wrote:
Ciamar a tha an teaghlach agad


Ochd tha 'd math gu leòr. Tha 'd a' cadal an drasd', daonan 's e rud math a th' ann! A' cinntinn mòr gu dearbh. Chan eil an gìlle a' snagail fhathast, ach tha an tè bheag a' dèanamh a dicheall mòran trioblaid a chur air doigh....


Quote:
'is ciamar a tha thu a'faighinn air adhart leis an ceòl agad? Nach robh thu ainmeil fhast? Tha mi a'creidsinn nach bi e ro fhada gus an gnog air an doras agad BBC ALBA. 'S docha gun seinn thu comhla ri Julie bheag fhast


Chan eil mi a' dol cho dona -tha beagan den cheòl agam a' nochdadh ann an 'Salt of the Earth' -tionnsgal (project) dealbhan le Craig MacAoidh a tha a' dol a bhith air a chur air doigh anns an 'National Portrait Gallery' ann an Dun Èideann. Anns an stiùdio latha no dha air ais agus a' coimhead air bhideo na tionnsgal agus Niamh Chaimbeul, an cleasaiche Amearacanach, agus dè a bh' ann ach an ceòl agam fhìn a' ruith fon agallamh. Abair neònach!


Quote:
Cha chuala mi 'Seanchas Ile' fhast, an nì thu 'cd' dhomh ma bhios tìde gu-leor agad? 'S toil leam a bhith ag-èisteachd ri Griogar an-drasda 'sa rithist 'is tha deagh Gàidhlig Earra-Ghaidheal aige cuideachd cho tha mi'n dùil gun còrd e rium


'eil thu 'g iarraidh leth-bhreac na clàr aige?


Quote:
Dè tha 'aon-fhìllte' a'ciallachadh?


simplidh


Tha e coltach gu bheil thu a' cur mòran rudan Gaidhealach air bhog 'son na balaich. 's math a rinn thu!


Top
  
Reply with quote  
Display posts from previous:  Sort by  
Post new topic Reply to topic  [ 4 posts ] 

All times are UTC [ DST ]


Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest


You cannot post new topics in this forum
You cannot reply to topics in this forum
You cannot edit your posts in this forum
You cannot delete your posts in this forum

Search for:
Jump to:  
cron
Powered by phpBB® Forum Software © phpBB Group
Copyright Siol nan Gaidheal © 2003-15

Newsnet Scotland